Àrainn: Windows
Ceangal: Luchdaich a-nuas an tionndadh DEMO (Cleachdaibh e an-asgaidh fad 30 latha)
Ceangal: Luchdaich a-nuas an tionndadh DEMO mar phacaid MSI (airson a chur an sàs ann an lìonraidhean companaidh)
Prìs: 24,99 €
Àrainn: Mac OS
Ceangal ri iTunes Store
Cleachdadh
’S e prìomh ghleusan a’ bhathair-bhog “Mothachadh Gluasaid” gluasad nithean air a’ chamara a mhothachadh agus a chlàradh.
Gus tòiseachadh air obair leis a’ phrògram “Mothachadh Gluasaid”, feumaidh sibh na camarathan USB agaibh a cheangal ris a’ choimpiutair agus an cur ris a’ phrògram le aon bhriogadh na luchaige. Nuair a thòisicheas am prògram, thèid na camarathan uile a chaidh a chur ris is a cheangal a chur air gu fèin-obrachail.
Às dèidh sin, feumaidh sibh camara a thaghadh agus am modh mothachadh gluasaid a chur an gnìomh. Sa mhodh seo, mothaichidh am prògram gluasad nithean. Thèid dealbhan a thogail gu fèin-obrachail. Tha algairim a’ phrògraim air a leasachadh air dhòigh ’s nach tèid atharraichean beaga ann an dealbh a’ chamara, mar eisimpleir atharraichean air adhbhrachadh le gluasad, laighe na grèine no meanbh-bhiastag air a’ chamara, a mheas mar atharraichean, agus thèid an leigeil seachad. Sa chùis seo, cha tèid dealbh sam bith a thogail.
Cur air post-d
Sa mhodh mothachadh gluasaid, tha an roghainn cur air post-d ri fhaighinn. Sa mhodh seo, cuiridh am prògram na dealbhan a chaidh a thogail chun a’ phuist-d a chaidh a chomharrachadh. Mar sin, feumaidh sibh seòladh a’ chunntais puist-d a chomharrachadh airson na dealbhan a chaidh a thogail a chur. Cha tèid puist-d a chur ach ma mhothaich na camarathan do dh’atharraichean. Gabhaidh an ùine as lugha eadar puist-d a chomharrachadh. Gabhaidh àireamh nam post-d a thèid a chur a chuingealachadh.
Lethbhreacadh nan dealbhan a chaidh a thogail
Ma mhothaichear do ghluasad, sàbhailidh am prògram na dealbhan a chaidh a thogail gu fèin-obrachail. Gabhaidh na dealbhan seo lethbhreacadh dhan stòr-bhòrd no an gluasad gu prògram eile. Ann an siostam-obrachaidh Windows, gabhaidh na dealbhan lethbhreacadh dhan phasgan a chomharraich an cleachdaiche.
Luchdadh tro FTP
’S urrainn dhuibh na dealbhan a luchdadh suas gu frithealaiche gu fèin-obrachail, le dàta an fhrithealaiche FTP a chomharrachadh. Dh’fhaodadh an roghainn seo a bhith inntinneach do chleachdaichean a tha airson coimhead air na dealbhan air an duilleag-dhachaigh air an eadar-lìon.
Roghainnean a bharrachd
Sa mhodh mothachadh gluasaid, tha brath fuaime ri fhaighinn, agus gabhaidh ùine a shònrachadh cuideachd nuair a bhios am modh mothachadh gluasaid an gnìomh.
Cleachdadh
Tha am prògram seo na dheagh fhuasgladh ma tha sibh airson sùil a chumail air ur flat, ur taigh no ur n-oifis gun uidheamachd dhaor a chleachdadh. Chan fheum sibh ach camara USB sìmplidh agus coimpiutair. Tha am prògram a’ cur taic ri grunn chamarathan aig an aon àm a ghabhas ceangal gu dìreach ris a’ choimpiutair. ’S urrainn dhuibh sìneadairean USB a chleachdadh gus an siostam faire a leasachadh (tha càbaill suas ri 25m le neartachadh cumhachd ri fhaighinn). Le bhith a’ cleachdadh sgoltairean USB, gabhaidh àireamh nam port USB a tha ri fhaighinn dha na camarathan agaibh a mheudachadh.




