Àrainn: Windows
Ceangal: Luchdaich a-nuas an tionndadh DEMO (Cleachdaibh e an-asgaidh fad 30 latha)
Ceangal: Luchdaich a-nuas an tionndadh DEMO mar phacaid MSI (airson a chur an sàs ann an lìonraidhean companaidh)
Prìs: 19,99 €
Mac, iPhone, iPad
Adhbhar a’ phrògraim
Bidh am prògram “Neach-cuideachaidh Iarrtasan Obrach” na chuidiche dìleas dhuibh fhad ’s a bhios sibh a’ lorg obair. Leigidh e leibh clàr èifeachdach a chumail air na h-iarrtasan obrach agus na CVan a chuir sibh gu fastaichean, liosta de dh’fhastaichean a chumail agus cuideachd ur pròifil a chruthachadh gu luath is gu furasta airson a cur gu fastaichean a dh’fhaodadh a bhith ann.
Cha bhi e doirbh dhuibh obrachadh leis a’ phrògram. Airson tòiseachadh, chan fheum sibh ach iarrtas obrach ùr a chur ris, a’ comharrachadh fiosrachadh mun bheàrn obrach, mun fhastaiche agus mun neach-conaltraidh. Nuair a chuireas sibh iarrtas obrach ris, thèid am fastaiche a chaidh a shònrachadh a chur ri liosta nam fastaichean sa phrògram gu fèin-obrachail. Nas fhaide air adhart, nuair a chuireas sibh iarrtas obrach airson beàrn eile aig an aon fhastaiche, ’s urrainn dhuibh dìreach a thaghadh on liosta.
’S urrainn dhuibh fiosrachadh sam bith a chur ris an iarrtas obrach cuideachd, mar eisimpleir staid, no prìomhachas na beàrn obrach a chomharrachadh air sgèile chòig-puing. Leigidh am prògram leibh obraichean a lorg leis an fhiosrachadh uile a chaidh a chur a-steach. ’S urrainn dhuibh sgrìobhainnean ann am fòrmat sam bith a chur ris cuideachd.
Staid an iarrtais obrach
Tha staid aig gach iarrtas obrach a tha co-cheangailte ri dath. ’S urrainn dhuibh na staidean agaibh fhèin a chruthachadh agus an dath agaibh fhèin a thoirt dhaibh.
Thèid an staid a tha comharraichte mar staid tòiseachaidh a chleachdadh nuair a chuireas sibh CV ùr ris. Nuair a dh’atharraicheas sibh an staid, thèid comharra a chur ris gu fèin-obrachail, gus an urrainn dhuibh cinn-latha nan atharraichean staid a leantainn an-còmhnaidh.
Gnìomhan
’S urrainn dhuibh gnìomhan a chur ris a’ phrògram, a tha nan cuimhneachain air cùisean ri teachd. Gabhaidh gach gnìomh a cheangal ri iarrtas obrach. Gabhaidh gnìomhan coileanta a chomharrachadh mar “coileanta”.
Pròifil is litir-chòmhdaich
’S urrainn dhuibh ur pròifil agus litir-chòmhdaich do dh’fhastaiche a chruthachadh sa phrògram.
Ginidh am prògram ur pròifil gu fèin-obrachail a-rèir nan raointean a chaidh a lìonadh mu àite ionnsachaidh, obair, eòlas a bharrachd, sgilean msaa.
A bharrachd air sin, ’s urrainn dhuibh teamplaidean de litrichean-còmhdaich a chur ris a’ phrògram. Tha paramadairean sònraichte ri fhaighinn airson teamplaidean a ghabhas gnàthachadh le dìreach luach a’ pharamadair a shònrachadh eadar samhlaidhean #. Sa chùis seo, tha e gu leòr luachan nam paramadairean a tha a dhìth a chur ris agus thèid an litir a ghintinn.
Gabhaidh a’ phròifil agus an litir-chòmhdaich clò-bhualadh no sàbhaladh ann am fòrmat PDF airson an cleachdadh a-rithist.
Gleusan a bharrachd
Tha staitistearachd iomlan sa phrògram air na h-iarrtasan obrach agus air diofar shlatan-tomhais. Bidh an cleachdaiche a’ rèiteachadh nan clàran uile sa phrògram. Gabhaidh an dàta clò-bhualadh, sàbhaladh ann am fòrmat PDF agus às-phortadh ann am fòrmat CSV.




